Highlands and Islands News

07 dhen Ògmhios 2022, 09:55

Oifigear ùr tuineachaidh air fhastadh ann an Innse Gall

New settlement officer appointed in the Outer Hebrides

Oifigear ùr tuineachaidh air fhastadh ann an Innse Gall: Kareen MacRury -2

Bidh daoine a tha a’ coimhead ri bhith a’ fuireach, ag obair agus ag ionnsachadh ann an Uibhist cinnteach à fàilte bhlàth gu beatha sna h-eileanan, le cuideachadh bho oifigear ainmichte tuineachaidh ùr.

Gus taic a chur ri tàlant a thighinn no a dh’fhuireach san sgìre, tha Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) agus Comhairle nan Eilean Siar (CnES) a’ maoineachadh na dreuchd shònraichte seo.  

Bidh Kareen NicRuairidh a rugadh ann an Uibhist a Tuath, a’ tabhann cuideachadh do dhaoine a tha airson in-imrich agus tlachd a ghabhail à beatha eileanach ann an Uibhist.


Tha an dreuchd 12-mìosan seo mar phàirt de phròiseact pìleit a tha a’ coimhead ri stad a chur air crìonadh san àireamh-sluaigh ann an Uibhist.

Bidh prìomh phàirt de dhreuchd Kareen an lùib a bhith ag obair le buidhnean com-pàirteachais agus buidhnean eile air feadh Innse Gall, gus fiosrachadh deatamach a thional a thaobh taigheadas agus cùisean eile ris am bi daoine a’ dèiligeadh nuair a tha iad a’ gluasad a-steach don sgìre.   

A thuilleadh air a bhith a’ toirt seachad stiùireadh do dhaoine a tha a’ sireadh cuideachaidh le thighinn a dh’fhuireach sna h-eileanan, bidh Kareen ri làimh gus daoine a tha a’ planadh air imrich do na h-eileanan, a chuideachadh.  Stiùiridh i iad gu na seirbheisean riatanach fhad ’s a tha i a’ tabhann fiosrachadh mu chothrom air seirbheisean ionadail, lìonraidhean agus stiùireadh san fharsaingeachd mun choimhearsnachd.

Is e an t-amas, taic a chur ri leasachadh air tuilleadh phròiseactan is iomairtean gus cuideachadh le dèiligeadh ri crìonadh san àireamh-sluaigh. Is e a’ bhuil a thathar a’ sùileachadh gum bi iadsan a tha a’ gluasad don sgìre, leis an taic cheart, a’ roghnachadh fuireach agus gealltanas a thoirt don sgìre, agus fiù daoine eile a bhrosnachadh gu gluasad don àite. 

Thuirt Kareen:

“Is e cothrom brosnachail a th’ ann a bhith nam oifigear tuineachaidh. Tha mi dìoghrasach agus dealasach mu dhaoine a tha gnìomhach gu h-eaconamach a ghleidheadh agus a tharraing gu na h-eileanan gus fuireach agus obair, agus an comasachadh gu bhith mar eileanaich a’ gabhail ri beatha nach eil cho àbhaisteach, làn chothroman agus spiorad coimhearsnachd ann an àite far a bheil gach neach di-beathte.”

Tha dreuchd Kareen mar aon de thrì dhreuchdan tuineachaidh, a tha gan stèidheachadh air feadh na Gàidhealtachd ’s na h-Eileanan gus daoine a tha a’ gluasad chun na sgìre a chuideachadh, comhairle ath-ghluasad a thoirt dhaibh agus fiosrachadh a thional mu dhùbhlain sam bith air an tig iad tarsainn air an t-slighe, agus comhairle a thoirt seachad mu ghnìomhan san àm ri teachd.  

Tha na dreuchdan gam fastadh air bunait pìleit de 12 mìosan ann an trì sgìrean ùghdarrasan ionadail – Innse Gall, Earra-Ghàidheal is Bòd agus a’ Ghàidhealtachd.  

Fhad ’s a tha Riaghaltas na h-Alba a’ leasachadh nan slatan-tomhais airson modh-obrach sòn ath-shluaghachaidh a dhèanamh foirmeil, tha na sgìrean pìleit seo a’ gabhail cheumannan gus eadar-theachdan ùra fheuchainn a-mach agus dàta ionadail a thional sa choimhearsnachd mar thaic do chuideachadh le fàs air àireamh-sluagh, gus dèiligeadh ri an dùbhlain shònraichte fhèin.

Gu làithreach, tha HIE a’ gabhail àireamh de raointean rannsachaidh is luachaidh os làimh a chuidicheas le tuilleadh beachdachaidh fhiosrachadh, a thaobh ath-shluaghachaidh agus tarraing tàlaint. 

Tha CnES a’ tuigsinn buaidh di-shluaghachaidh ann an coimhearsnachdan nan eilean agus ag amas air taic a chur ri ceumannan airson dèiligeadh ri crìonadh àireamh-sluaigh a thilleadh, agus seasmhachd a dhèanamh tèarainte. Gheibh Uibhist, mar a’ chiad sgìre pìleit, buannachd às an dà chuid eadar-theachd dhìreach agus an obair com-pàirteachais le coimhearsnachdan is buidhnean gus taic a chomharrachadh agus a stiùireadh gu far a bheil feum air.

San eadar-ama, tha HIE a’ fastadh dhreuchdan ann an Innse Gall hie.co.uk/about-us/vacancies/ourohjobs

Faodar dreuchdan a tha bàn gu làithreach aig Comhairle nan Eilean Siar fhaicinn air làrach-lìn (cne-siar.gov.uk).

Deireadh.

Fiosrachadh conaltraidh

HIE Communications
Communications Manager
Highlands and Islands Enterprise
01463 383242
mairi.gillies@hient.co.uk

About Highlands and Islands Enterprise

We’re Highlands and Islands Enterprise, the Scottish Government’s economic and community development agency for a region covering more than half of Scotland, including more than 90 inhabited islands. We work with communities, enterprises, and stakeholders to unlock our region’s potential for growth and progress, while driving fair work and net zero practices.

Our purpose is to build and sustain a greener, fairer and more resilient region that benefits everyone. We offer support and investment to a wide range of projects that deliver on our priorities, which include a growing workforce, increased productivity, innovation and wages, and a just transition to net zero.

You can visit our website at http://www.hie.co.uk 
Or follow us on social media:

Twitter : Facebook : Linkedin : Youtube